Categories

PART OF THE Perspectives ISSUE

Travel to urban Russia in the first ever Gaelic travelogue

In the first ever Gaelic travelogue, take a trip to urban Russia with author Maureen MacLeod who is Producer of the BBC Alba’s current affairs programme Eòrpa. The book’s title, A’ Toirt Mo Chasan Leam, roughly translates as ‘talking my feet with me’.

A’ Toirt Mo Chasan Leam
By Maureen MacLeod
Published by Acair

Moscow gu Yekaterinburg

B’ e seòrsa de dh’fhaochadh a bh’ ann nuair a nochd an tagsaidh aig fichead mionaid gu còig sa mhadainn.  Bha cùisean air a bhith cho trang sna seachdainean a chaidh seachad leis na bh’ agam ri dhèanamh ’s leigeil soraidh le daoine.  Bha an t-ullachadh seachad – seo a’ chiad latha dhan a’ chòrr dem bheatha.

Cha robh mi buileach cinnteach ciamar a bha mi a’ faireachdainn.  Leis gu robh mi air a bhith na mo mhàl, b’ ann a-nis a bha e a’ drùidheadh orm gu robh mi a’ teiche.  An robh mi dha-rìribh ag iarraidh a bhith air falbh bho Glaschu cho fada?  Dè bu chòir dhomh a thoirt leam?  Bha beagan den h-uile càil a-nis na mo mhàileid, cuid dheth bha mi an amharas nach cleachdainn idir!  Ach, nach mi a bha fortanach cothrom a bhith agam bliadhna a ghabhail dheth, cuairt a chur air an t-saoghal, ’s mi cinnteach gu fidirinn is gu faicinn iomadh annas, math agus dona.

Ràinig mi Moscow mu cheithir uairean. Leig iad a-steach dhan dùthaich mi, gu talla far an robh an t-uabhas dhaoine a’ tairgse thagsaidhean.  Chuir mi cùl riutha sin agus chaidh mi a shireadh rank.  Cha robh sgeul air a leithid.  Mu dheireadh, às dèidh bhith cur charan greis, ghabh mi lioft bho seann bhodach, a thuirt gur e dràibhear tagsaidh a bh’ ann.  Cha robh mi cinnteach an e, ach cha robh duine ris an do choinnich mi fhathast coltach ri dràibhear tagsaidh agus bha mi den bheachd gum bithinn na bu shàbhailte còmhla ris-san, seach gu robh e cho sean, na bhithinn còmhla ris na cùis-eagail eile a bha mun cuairt!  Bha an Lada aige a’ coimhead cho sean ris fhèin.

B’ e mo cheann-uidhe ostail le ainm uabhasach tarraingeach − “Godzillas.”  Dh’fhaighnich mi mun phrìs agus thuirt am bodach gum bitheadh e mìle rouble − mu fhichead not.  Bha an trafaig trang agus cha robh e a’ faighinn lorg air an àite. Thug e faisg air dà uair a thìde Godzillas a lorg.  Thug mi dha beagan a bharrachd air mìle rouble.  Sin nuair a thòisich am buaireadh.  Dh’iarr e dà mhìle.  Ach dh’aontaich sinn mìle.  Cha robh càil a dhùil agam barrachd a thoirt dha.  Thog e mo bhaga a-mach à deireadh an Lada agus dhiùlt e a thoirt dhomh gus an toirinn dha dà mhìle.  Cha robh  Beurla aigesan.  Cha robh Ruisis agamsa.  Cò againn a ghèilleadh an toiseach?  Thilg mi ainmean mì-mhodhail air.  Bu dìomhain dhomh. Thug mi dha dà mhìle rouble.  Thug e dhomh mo bhaga.  Chuala am boireannach anns an ostail pàirt den argamaid.  Dh’fhaighnich i dhomh dè a phàigh mi airson an tagsaidh.
“Dà mhìle rouble”. Chrath i a ceann.

’S e àiteachan mìorbhaileach a th’ ann an ostailean. Tha iad a’ toirt dhut an cothrom coinneachadh ri measgachadh de dhaoine. Tha iad saor agus tha rudeigin an còmhnaidh a’ dol annta.  Air an làimh eile, uaireannan chan eil e càilear gu bheil rudeigin an còmhnaidh a’ dol!  Cuideachd, feumaidh tu feitheamh gu foighidneach gach trup a tha  thu ag iarraidh dhan taigh-bheag agus dhan fhras.

Bha iad a’ leasachadh Godzillas, ga fhàgail mar rudeigin a chuireadh am muir air tìr.  Thug mi sgrìob ghoirid mun sgìre timcheall mas deach mi a chadal.  Bha mi ann an rùm còmhla ri còignear shrainnsear, a’ chiad bhlas air an t-saoghal a bhitheadh agam fad bliadhna.  Chan fhada a sheasadh an t-airgead mas e agus gun coinnichinn tòrr coltach ris a’ mhèirleach ud.  A dh’aindeoin a bhodaich ge-tà, bha mi na mo bhoil, mo thuras air tòiseachadh.


A Toirt Mo Chasan Leam by Maureen MacLeod is out now published by Acair priced £14.99.

You can also read an extract from Maureen’s novel Banais na Bliadhna, published by Sandstone Press, on Books from Scotland here.

Share this

ALSO IN THIS ISSUE

From India to Edinburgh with Bashabi Fraser click From India to Edinburgh with Bashabi Fraser

‘As I journey back and forth / From your spiritual hearth / To the bracing north’

READ MORE

Cathy MacPhail Asks ‘Where Were the Working Class Heroes?’ click Cathy MacPhail Asks ‘Where Were the Working Class Heroes?’

‘Every child deserves to see themselves, the people they are, reflected in a story’

READ MORE