Categories

PART OF THE The Spring Issue ISSUE

‘Siud mar chuir mi ’n geamhradh tharam / Ann an Tiriodh ’s stoirm gach latha’

Dòmhnall Meek/Donald Meek, is a renowned writer, lecturer, broadcaster and a leading expert of Celtic and Gaelic studies, who hails from the small Hebridean island of Tiree. This new poetry collection touches upon a variety of subjects, including his homeland of Tiree throughout the years, the Highlands, friendship and the world we live in today. These themes are showcased in these three extracted poems.

Extract from Sreathan anns a’ Ghainmhich
By Dòmhnall Eachann Meek
Published by Acair

Iomradh Toisich

Leis mar a tha Tiriodh air atharrachadh rè mo bheatha-sa, tha e duilich dhomh an-diugh a chreidsinn gun deachaidh mo thogail anns a’ Chaolas aig ceann an ear an eilein, ri taobh Sruth Ghunna, ann an dachaigh far an cluinninn a’ Ghàidhlig moch   is anmoch.  Bha am baile air an aon dòigh.

Bha an taigh againne, ‘Coll View’, na nead de ghinealaichean, ’s na ginealaichean sin a’ sìneadh air ais gu 1870.  Bha m’ athair na chroitear agus na mhinistear, agus thill e fhèin agus mo mhàthair do Thiriodh à Ile ann an 1949 a fhrithealadh air dlùth-chairdean a bha a’ faireachdainn uireasbhaidhean na h-aoise.  Thogadh mise còmhla ris na seann daoine sin, daoine a bha òg is sùnndach nan spiorad, ’s iad luma làn sgeulachdan is òran.

Bha cuid aca ri rannan, m’ athair nam measg, ’s e ag amas mar a bu trice air coin is cait seach daoine.  Bha am baile làn de dh’ òrain cuideachd, agus spèis shònraichte ga toirt do bhàrdachd.  Os cionn gach neach, bha a’ choimhearsnachd a’ toirt urram do dh’ Iain mac Ailein, ‘Bàrd Thighearna Cholla’, a rugadh sa bhaile, agus a chaidh do dh’ Albainn Nuaidh ann an 1819.

Cha b’ ann gu h-aotrom a chleachdte am facal ‘bàrdachd’ a bharrachd.  Bha a’ mhòr-chuid ‘ri rannan’, ach cha robh iad ‘ri bàrdachd’.  B’ e gnothach àrd, uasal a bha an sin.  Ged a dhèanadh neach òran, cha robh sin a’ ciallachadh gur h-e ‘bàrd’ a bh’ ann.

Tha mi mothachail nach e ‘bàrd’ a tha annamsa a tha airidh air àite am measg nan urramach a chaidh romham no a tha ann an-dràsda.  Gu math tric, tha na h-annasan a tha mi a’ tairgsinn nas fhaisge air dealbhan-camara, air daoine is air àiteannan, a tha a’ tighinn thugam ann am facail tro shùil na h-inntinn.  Tha na modhan a tha mi a’ cleachdadh a’ siabadh a-nùll ’s a-nall eadar na ‘strophics’ agus na h-òrain, eadar na dàin a tha teann nan cruth agus na ‘rannan’ a tha fosgailte.  Mar eileanach, tha mi tric a’ dol gu muir nam smuaintean, agus tha samhladh a’ bhàta is gnothaichean na mara agus a’ chladaich a’ nochdadh gu minig.

Agus, mar fhear a tha cho faisg air a’ chladach, tha fhios agam nach eil anns na rannan seo ach rudan aimsireil nach mair – sreathan anns a’ ghainmhich, a dh’fhalbhas le muir-làn nan linntean, mar a dh’fhalbhas mi fhìn, agus mar a dh’fhalbh na daoine air a bheil mi a’ cuimhneachadh anns na marbhrannan anns an leabhar seo.  Fhad ’s a mhaireas iad, ged tha, tha mi an dòchas gun toir na sreathan seo smuaint air cuideigin.

 

Iain Againn Fhìn

Aig Arras cha robh do smuaintean
Air poll no eabar no uamhas,
Air gunnachan mòra le nuallan
A’ tilgeil shligean gun truas annt’,
A’ treabhadh talamh torrach na uaighean,
No air cuirp a’ grodadh sa bhuachair,
Gun sealladh air latha na buadha;
B’ e do dhleasdanas bu dual duit,
’S thill thu bho thaobh thall nan cuantan
Gu feachd Earra Ghàidheal ’s nan Sutharlan;
Tìr nam beann ’s nam breacan uallach
Ann an èiginn – ‘Dìon do dhualchas!’

Ach bha do smuaint sa mhionaid uaire
Air obair earraich san eilean uaine,
Teaghlach a’ cosnadh lòn le cruadal,
’S do mhiann a bhith le crann a’ gluasad,
A’ gearradh sgrìob gu treun tron chrualach,
A’ cur an t-sìl le dòchas buannachd
Fa chomhair nan geamhraidhean fuara.

Bheuc an gunna mòr gu suaicheant’,
Sanas-maidne blàr na buadha,
’S leum thu, Iain, far na bruaiche,
Toirt taic dod chomanndair uasal;
Am peilear guineach, beag cha chual’ thu,
Tighinn le fead ’s do dhàn san luaidh’ aig’,
Bho fhear-cuims’ bha falaicht’ bhuatsa;
Thuit thu le lot nach gabhadh fuasgladh;
Geamhradh na fala a’ toirt buaidh ort.

‘Iain Againn Fhin’, bu truagh e,
Sìnte anns a’ bhàs neo-bhuadhmhor,
’S na ceudan ghaisgeach marbh ra ghualainn –
Earrach searbh an Arras uaignidh.

 

Geamhradh Dhòmhnaill 2014-15

Siud mar chuir mi ’n geamhradh tharam
Ann an Tiriodh ’s stoirm gach latha:
Siud mar chuir mi ’n geamhradh tharam.

Falbh le coinnlean anns a’ mhadainn
Leis a’ mhilleadh rinn tein’-adhair,
Sporghail feuch am faighinn maidse,
Ged nach dèanadh aon dhiubh sradag.

Chaidh mi cuairt a-nùll am machair
Feuch am faicinn sgeul air aiseag,
Ach cha d’fhàg an ‘Clansman’ caladh –
Anns an Òban fad seachd latha.

Cha seasainn cas le neart na gaillinn,
Mo chorp ga lathadh aig na frasan,
Air mo bhogadh chun a’ chraicinn,
’S na coin air iteig anns an adhar.

Cha robh tunnag anns a’ bhaile,
Cha robh coileach, cha robh cearc ann:
Sgeul gu bràth orra chan fhacas –
Gus do land iad ann am Barra.

Na bionaichean a’ leum gu bragail,
A’ dannsa am fan-dango snasail,
Tilgeil sgudail feadh an achaidh,
’S iad a’ tarraing teann air Canna.

An aon bhùth san eilean falamh,
’S mi gam tholladh aig an acras:
Cha robh feòil ann, cha robh aran,
No ‘biadh deiseil’ anns a’ phlastaig.

Cuirm-chiùil am broinn an taighe
Is na h-oiteagan ga shadadh:
O, nan cuala sibhs’ am blastadh
Is an ùpraid bh’ aig gach maide!

Sin mo sgeul, a chàirdean gasda,
’S cha bu mhath gum biodh i agaibhs’ –
Chuir an geamhradh mise thairis,
’S dh’fhàg e mi gun neart ga aithris!


Sreathan anns a’ Ghainmhich by Dòmhnall Eachann Meek is out now published by Acair priced £11.99.

Share this

ALSO IN THIS ISSUE

Growing Up On A Highland Farm click Growing Up On A Highland Farm

‘Spring should be well on its way but winter’s returned, sending a wind with icicles in its breath t …

READ MORE

Scotland’s Lost Gardens click Scotland’s Lost Gardens

‘The garden and its companion, the designed landscape, are important elements in the cultural histor …

READ MORE