Categories

PART OF THE Festivals ISSUE

‘Chuala e mac talla a’ ghuth aige bho ballachan na seann mhuilne’

In this  gripping preview of Dìoghaltas (Revenge), the forthcoming fourth novel to be published in Gaelic by Isle of Lewis-based author Iain Finlay Macleod, a man is shot dead in mysterious circumstances.

Extract from Dìoghaltas
By Iain Finlay Macleod
Published by Acair

Chuala e mac talla a’ ghuth aige bho ballachan na seann mhuilne. Timcheall air bha loidhnichean de dh’innealan mòra, closaich iarann. Bha a’ ghaoth a’ toirt crith air an togalach, uinneagan briste ga leigeil a-steach.

Dh’èigh e a-rithist. Seo far am biodh iad a’ tighinn an toiseach. Seo far an do dh’aontaich iad. Nuair a bha beatha anns a’ mhuilinn.

Iseanan a-nis, chan fhaiceadh e dè bh’ ann, a’ sgèith seachad air aghaidh anns an dorchadas. Robh e anns an àite cheàrr? Càite an robh a h-uile duine?

Choisich e tro na rumannan. Bha aon rùm le bucais de phìosan beairt air an càrnadh àrd suas gu mullach an togalaich. Cisteachan. Bha na h-uinneagan gu h-àrd a-nis air fàs dorch, gun duine gan glanadh.

Thog an duine pìos fuicheig a bha na laighe ri taobh inneal a bha briste. ’S ann an sin a chleachd iad a bhith a’ glanadh nan clòithtean. Bha fhathast fàileadh ceimigeach bhuaithe, a chaolan a-nis falamh.

’S e pàtran snog a bh’ ann, smaoinich e.

Boinneag fala.

Dh’fhairich e airson diog am peilear tro chùl a chinn, a’ dèanamh toll beag grinn anns a’ phìos clò a bha e air togail. Grian bheag dhearg.

Thuit e chun an làir.

Rinn fuaim a’ ghunna a shlighe a-mach air an togalach far an deach e à bith. Shluig a’ mhòinteach agus an t-uisge e.

Bha Eachainn a’ fighe anns an t-seada aige, timcheall air ceud meatair air falbh bhon mhuilinn. Bha dùil aige gun cuala e rudeigin agus ghabh e sin mar leisgeul gus beagan fois a ghabhail. Chaidh e a-mach agus thug e sùil timcheall, ach gun cinnt sam bith air dè chuala e, ma bha càil idir ann.

Iain Finlay Macleod

 

Bha a’ mhuileann ann, mar as àbhaist. Am peant a-nis a’ fàs dorch agus robach. Cha do dh’fhairich e càil a’ coimhead air an t-seann togalach sin, ged as ann leis fhèin a bha e aig aon àm. Chuir e a làmh air a dhruim. Cha dèanadh e cus a bharrachd an-diugh.

’S e cur-seachad a bh’ anns an fhighe dha. Bha bliadhnaichean bho bha aige ri obair. Aig aon àm ’s ann leis a bha a h-uile muileann air an eilean seach aon. Chuir e seachad bliadhnaichean a’ feuchainn ris a h-uile duine eile a chur a-mach à bith.

Reic e iad uile agus dh’aontaich e ri dùnadh aon dhiubh. Chaill daoine an cuid obrach, ach bha fios aige gur e siud an t-àm aige. Gur e siud an t-àm na b’ urrainn dha a thoirt a-mach às. Bha athair air an gnothach a thogail bho aon bheart, an dèidh dha tilleadh bhon chogadh, gu companaidh a bha a’ reic clò air feadh an t-saoghail. Cha robh feagal air bho chàil nuair a bha e beò, an t-athair aige. Cha robh dùil aig Eachainn gum bàsaicheadh e a gu bràth.

Ach bhàsaich. Sheall Eachainn air na seann togalaichean, na ballachan-cùil ris an uisge, glas agus trom. Cha robh fios aige an robh a chridhe a-riamh ann. Mura biodh athair air uiread uallaich a chur air, tha fhios gum biodh e air rudeigin eile a dhèanamh le bheatha.

Cha do rinn e dona às ged-thà. Faisg air a’ mhuilinn, bha an taigh aige, aon de na taighean as motha air an eilean. Rudeigin ro fhaisg air a’ Mhuilinn ach cha robh mòran beatha aige a bharrachd air. An càr aige, Maybach 600, air a bheulaibh.

Smaoinich e air athair. Tha a h-uile duine a’ bàsachadh uaireigin, smaoinich e.

Thog e spàl, chuir e iteachan eile ann, agus thionndaidh e air ais gu a chuid obrach.

Cha robh an duine a bhàsaich anns a’ mhuilinn pòsta. Cha robh clann aige. Agus mar sin, cha robh duine a’ feitheamh air a shon aig an taigh. Cha robh e tric a’ dol a-staigh dhan oifis a-nis, bha e a’ feuchainn ri gabhail air a shocair. Duine beag, rudeigin tiugh, duine nach robh mìorbhaileach, a rèir choltais. Bha airgead aige, ceart gu leòr.

Ach nan innseadh tu dha duine gu robh cuideigin ag iarraidh am fear seo a mharbhadh, chuireadh e iongnadh orra.

Agus mar sin, cha mhòr nach deach e a-mach à sealladh.


Iain Finlay Macleod participates in Acair’s literature festival at the end of this month by hosting a creative writing workshop, which is open to all. ‘Fèis Litreachais Acair @ 40: Celebrating 40 Years of Publishing’, will take place in An Lanntair, Stornoway, on Wednesday 24th May. He will appear at festivals over the summer; the dates will be announced in due course.

 

Share this

ALSO IN THIS ISSUE

David Robinson Writes: On Chris Dolan’s Crime Writing click David Robinson Writes: On Chris Dolan’s Crime Writing

‘The first thing you should know about Dolan is that he understands how crime fiction works’

READ MORE

Writing En Route click Writing En Route

Sue Reid Sexton takes us behind-the-scenes on a trip to the Midi-Pyrenees via her trusty campervan V …

READ MORE