ABOUT THIS BOOK
BUY THIS BOOK
As an Amazon Associate and Bookshop.org affiliate we earn from qualifying purchases.
Ceum
By Iain D. Urchardan
‘Dh’òl mise bainne milis mo mhàthar – seòl glan, gun ghainne: dùthchas na Gàidhlig.’
Chan e fèin-fhiosrachaidhean Iain, no a bheachd air gràdh, Gàidhlig, slàinte, poilitigs is tachartasan an t-saoghail a-mhàin a tha clàraichte sa chruinneachadh seo. Chìte cuideachd buaidh ghinealaichean dhe a shinnsirean na chuspairean, na mhodhan-smaoineachaidh, na ruitheaman, na bhriathrachas agus na fhaireachdainnean làidir. Tha Gàidhlig is Gàidhealtachas na cheann, na chridhe, na fhuil, na smior, na spiorad, agus chanadh cuid, fiù ’s na anam.
Iain D. Urchardan
Thogadh Iain D. Urchardan ann am Bòirseam, sna Hearadh. Cheumnaich e à sgoil Ealain Ghlaschu (1988) ’s à Oilthigh Obar Dheathain (1996). Eadar 1997-2010, bha Iain na Mhinistear Paraiste. Tha e a-nis na Òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig, na chraoladair agus na eadar-theangair.
Ann an 2013, thòisich Iain a’ sgrìobhadh gu cunbhalach. Tha dà leabhar de sgeulachdan-goirid aige an clò: Breab, Breab, Breab (2017) agus Air an Oir (2020). Ann an 2019 choisinn TURAS, a’ chiad chruinneachadh de bhàrdachd aige, Duais Dhòmhnaill Meek aig na Duaisean Litreachais. Ann an 2023 bhuannaich CEUM, an dàrna cruinneachadh de bhàrdachd aige, am prìomh dhuais airson ‘Làmh-sgrìobhainn as fheàrr do dh’inbhich aig na Duaisean Litreachais. Tha Iain pòsta aig Muireall ’s tha triùir chloinne aca: Mairead, Eòin agus Sìleas.