ABOUT THIS BOOK
BUY THIS BOOK
As an Amazon Associate and Bookshop.org affiliate we earn from qualifying purchases.
Èiginn Ùisdein
by Mòrag Anna NicNèill
Shuas air a’ mhonadh, ann an gleann uaine air a bheil Àirigh a’ Mhadaidh-ruaidh, tha sionnach beag air a bheil Ùisdean a’ fuireach. Ach tha rùn-dìomhair aige a tha a’ dèanamh a bheatha gu math doirbh agus a theaghlach gu math feargach – cha toil leis feòil!
Nuair a tha Ùisdean a’ cluinntinn na tha fa-near dha phàrantan airson leasan ionnsachadh dha, chan eil dol às aige ach teiche. Tha an dàna-thuras a tha a’ leantainn ga thoirt gu àiteachan annasach, far a bheil e a’ coinneachadh ri caractaran a tha a cheart cho annasach ris fhèin. Mu dheireadh, tha e a’ lorg àite dha fhèin san t-saoghal, agus a’ tuigsinn gu bheil e ceart gu leòr a bhith eadar-dhealaichte.
Up on the moor, in a green valley called Àirigh a’ Mhadaidh-ruaidh, lives a little fox called Ùisdean. But he has a secret that makes his life very difficult and his family very angry – he doesn’t like meat! When Ùisdean hears that his parents are planning to teach him a lesson, he has no choice but to run away. The adventure that follows takes him to strange places, where he meets characters who are just as unusual as he is. Finally, he finds his place in the world, and realises that it’s okay to be different.
Mòrag Anna NicNèill (Author)
’S ann à Horgabost anns Na Hearadh a tha Mòrag Anna NicNèill, ged a tha i an-diugh a’ fuireach ann am Barraigh. Bha i a’ teagasg Gàidhlig airson còrr is 25 bliadhna ach tha i a-nis a’ sgrìobhadh làn-ùine. Choisinn i Duais nan Sgrìobhadairean Ùra bho Chomhairle nan Leabhraichean agus Urras Leabhraichean na h-Alba ann an 2015, agus tha i air grunn dhuaisean eile a bhuannachadh on uair sin, nam measg Duais Cuimhneachaidh Chrisella Rois airson Artair sa Chaisteal ann an 2018, agus an duais airson an leabhair fhicsein as fheàrr aig Duaisean Litreachais 2020 airson An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile.