
ABOUT THIS BOOK
PUBLISHER:
FORMAT: Paperback / softbackISBN: 9781913025663
RRP: £7.99
PAGES: 120
PUBLICATION DATE: August 19, 2021
CATEGORIES
BUY THIS BOOK
- FIND YOUR LOCAL BOOKSHOP (UK AND IRELAND)
- FIND YOUR BOOK IN A SCOTTISH LIBRARY
- THE HIVE
- AMAZON
- WATERSTONES
- THE BOOK DEPOSITORY
As an Amazon Associate we earn from qualifying purchases.
Tuathanas nan Creutairean [Animal Farm in Gaelic]
By (author) George Orwell; Translated by Angus Peter Campbell
George Orwell’s timeless novel Animal Farm, one of Time magazine’s 100 best English-language novels of all time, has been translated by Aonghas Padraig Caimbeul into Gaelic for the very first time.When the animals of Manor Farm revolt and take control from Mr Jones, they have hopes for a life of freedom and equality. However, when the pigs Napoleon and Snowball rise to power, the other animals discover that they may not be as equal as they had once thought. A tragic political allegory described by Orwell as being ‘the history of a revolution that went wrong’, this book is as relevant now – if not more so – as it was when it was first written.
George Orwell
Tha Aonghas Padraig Caimbeul a Uibhist a Deas, ged a chuir e seachad a bhliadhnachan mar dheugaire air Eilean Shaoil, deas air an Oban. Chaidh e gu Ard-sgoil an Obain far an robh Iain Mac a’ Ghobhainn ga theagasg. As deidh ceumnachadh le Urram ann am Poilitigs agus Eachdraidh o Oilthigh Dhun Eideann dh’obraich e mar neach-naidheachd agus mar chraoladair. Tha e air grunn leabhraichean a sgriobhadh. Nam measg, an nobhail ‘An Oidhche Mus do Sheol Sinn’, an cruinneachadh bardachd ‘Aibisidh’ a choisinn Duais Leabhar Bardachd na Bliadhna an Alba ann an 2011, agus an nobhail Bheurla ‘Memory and Straw’ a choisinn duais Leabhar na Bliadhna aig Duaisean Litreachais Saltire ann an 2017. A bharrachd air an eadar-theangachadh seo dhen leabhar aig Seoras Orwell (‘Animal Farm’) tha e cuideachd an-drasta a’ sgriobhadh na darna nobhail mu dheidhinn ‘Constabal Murdo’ agus nobhail ur Bheurla, Electricity.Rugadh Seoras Orwell, no Eric Artair Blair mar a bh’ air, air 25 Ogmhios 1903 ann an taobh sear nan Innseachan, mac searbhanta catharra Impireachd Bhreatainn. Fhuair e foghlam ann an Sasainn, agus nuair a dh’fhag e sgoil Eton, ghabh e dhan Phoileas Innseanach Impireil ann am Burma, a bha na choileanaidh de Bhreatainn aig an am. Leig e seachad a dhreuchd ann an 1927 a’ cur roimhe a bhith na sgriobhadair. Ann an 1928, chaidh e a Pharis ach dh’fhaillich air a bheo-shlaint a chosnadh le sgriobhadh agus bha aige ri grunn obraichean suarach a ghabhail. Dh’innis e mar a thachair dha an sin na chiad leabhar, Down and Out in Paris and London, a chaidh fhoillseachadh ann an 1933. Ghabh e an t-ainm Seoras Orwell direach mus tainig an leabhar a-mach. Nochd a’ chiad nobhail aige, Burmese Days, ann an 1934. Ged a bha e na anarcach aig deireadh nan 1920an thoisich e a ‘ smaoineachadh air fhein mar shoisealach anns na 30an. Ann an 1936 chaidh fhastadh gus cunntas a sgriobhadh air bochdainn nam meinnearan a bha gun chosnadh ann an ceann a tuath Shasainn, a nochd fon ainm The Road to Wigan Pier (1937). Aig deireadh 1936 shiubhail Orwell dhan Spainn a shabaid air taobh nam Poblachdach an aghaidh Franco agus na Faisistich. Thainig air teiche le bheatha bho Chomannaich Shoibhiatach a bha a’ gabhail smachd air soisealaich reubhlaideach eile. Bha e riamh as deidh sin gu tur an aghaidh luchd-leanmhainn Stailin.Eadar 1941 is 1943, bha e ag obair air propaganda airson a’ Bhbc. Ann an 1943, chaidh e na neach-deasachaidh air an iris shoisealaich, Tribune, agus e a-nis trang na neach-naidheachd, a’ foillseachadh artaigealan, leirmheasan is leabhraichean.Ann an 1954, nochd Animal Farm, samhla-sgeul poilitigeach steidhichte air tuathanas ach mu dheidhinn mar a bhrath Stailin Aramach na Ruis. Choisinn e cliu dha Orwell agus airgead a rinn cinnteach nach biodh e bochd gu brath tuilleadh. Thainig Nineteen Eighty-Four, a sgriobh Orwell air eilean Diuraidh, a-mach an ceann ceithir bliadhna. Bha an sgeul steidhichte ann an deachdaireachd san am ri teachd. Thug fiu an tiotal buaidh mhor air daoine, agus dh’fhas iomadh abairt bhon leabhar cumanta, leithid ‘Tha am Brathair Mor a’ cumail suil ort’, ‘nuadh-chainnt’ agus ‘smuain dhubailte’. Ach, mun am seo bha slainte Orwell a’ dol am miosad agus bhasaich e leis a’ chaitheamh air 21 Faoilleach 1950