ABOUT THIS BOOK
BUY THIS BOOK
As an Amazon Associate and Bookshop.org affiliate we earn from qualifying purchases.
Puskas am Pailteas aig Hearts
by Martainn Mac an t-Saoir
Bidh Ben Puskás òg tric a’ cluich ball-coise dha na sgiobaidhean as fheàrr san t-saoghal: ach uile an raon corrach nam flataichean àrda sa bheil e fhèin is a mhàthair a’ fuireach air iomall baile Dhùn Èideann; agus le ball-teanais a shàbhail e bhon t-seann dachaigh ann an Transalbhàinia.
’S e 1998 a th’ ann, agus ’s ann le a mhac-meanmna a gheibh Ben faothachadh bho bheatha chruaidh; gus an gabh nàbaidh sùim ann is a thòisicheas càirdeas ris nach biodh dùil.
Ged is e an gaol airson a’ gheama agus Hearts a bheir Ben is am bodach seo, George, dlùth còmhla, nì iadsan – le taic feadhainn eile – dearbhadh air mar a dh’fhaodas dàimh is spèis fàs eadar daoine sna suidheachaidhean as duilghe, ge b’ e cò iad no dè an aois a tha iad.
Ghlèidh an nobhail seo Duais Litreachais 2026 airson an Làmh- sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do dh’Inbhich.